Aonghas MacEanruig
Coltas
Aonghas MacEanruig | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Àird nam Murchan, 1866 |
Dùthaich | Alba |
Bàs | Glaschu, 30 dhen Dàmhair 1937 |
Dreuchd | |
Dreuchd | aistear |
B'e neach-aithris agus aistear à Àird nam Murchan a bha ann an Aonghas MacEanruig (Beurla: Angus Henderson).
Rugadh ann an 1866 agus bha e na oileanach aig Oilthigh Ghlaschu. Sgrìobh e pìosan airson irisean Gàidhlig, mar eisimpleir An Solaraiche agus Na Duilleagan Gàidhlig.
Bha MacEanruig 'n sàs gu mòr anns na h-irisean aig Ruaraidh Arascain is Mhàirr: Guth na Bliadhna, Alba, An Sgeulaiche, An Ròsarnach, The Scottish Review agus The Pictish Review.[1]
Chaochail e gu h-obann 30 an Dàmhair 1937 dhachaigh ann an Glaschu.[2]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ https://erskine.glasgow.ac.uk/gd/daoine/aonghas-maceanraig/
- ↑ “An Solaraiche: Gaelic essays. I.”. DASG. Air a thogail 8mh dhen Chèitean 2023.